Duthaich MhicAoidh

Lyrics

Mo mhallachd aig na caoraich mhòr
 Càit a bheil clann nan daoine còir
 Dhealaich rium nuair bha mi òg
 Mus robh Dùthaich 'IcAoidh na fàsach?
 Tha trì fichead bliadhna 's a trì
 On dh'fhàg mi Dùthaich 'IcAoidh
 Cait bheil gillean òg mo chrìdh'
 'S na nìonagan cho bòidheach?
 Shellar, tha thu nist nad uaigh
 Gaoir nam bantrach na do chluais
 Am milleadh rinn thu air an t-sluagh
 Ron uiridh 'n d' fhuair thu d' leòr dheth?
 Chiad Dhiùc Chataibh, led chuid foill
 'S led chuid càirdeis do na Goill
 Gum b' ann an Iutharn' bha do thoill
 Gum b' fheàrr Iùdas làmh rium
 Bhan-Diùc Chataibh, bheil thu ad dhìth
 Càit a bheil do ghùnan sìod?
 An do chùm iad thu bhon oillt 's bhon strì
 Tha an diugh am measg nan clàraibh?
 Mo mhallachd aig na caoraich mhòr
 Càit a bheil clann nan daoine còir
 Dhealaich rium nuair bha mi òg
 Mus robh Dùthaich 'IcAoidh na fàsach?
 

Audio Features

Song Details

Duration
02:03
Key
5
Tempo
52 BPM

Share

More Songs by Kathleen MacInnes

Albums by Kathleen MacInnes

Similar Songs