Laoidh Fhearchair Eoghainn

1 views

Lyrics

S iomadh fear bòidheach,
 'S an Fhraing air a' chòmhnard,
 Tha'n am parantan brònach
 Agus leòinte air an sgàth,
 Nach fhaic iad ri' m beò iad
 Gun cruinneachar iad còmhla,
 ' bi Fearchar Beag Eòghainn
 'S an dròbh a-measg chàich.
 Gur mòr a bha dhùil àm,
 Ri'd fhaicinn 's an dùthaich,
 Is gàire air do ghnùis,
 On dh'fhairich thu cùisean-
 Nach tig thu gam ionnsaigh
 Bhon dh'fhàillig a' chùis ort,
 Mo bheannachd a-null
 Dhan an ùir is bheil thu cnàmh.
 'Se dh'fhàg mi cho cianail,
 Bhi cuimhneachadh d'iomhaigh,
 Do ghruaidhean bha brèagha,
 Agus sgiamhach le càch,
 Nach fhaic mi gu siorraidh
 Air sàilleabh an dìocail,
 Am mòr-fhear 'gar h-iarraidh
 Chuir ceudan gu bàs.
 Ach sguiridh an Càisear,
 Dha innleachdan gleusda
 Tha balaich 'na dhèidh,
 Chuireas e ann an sàs.
 Nuair shuidheas na treumhan,
 'S an cinn chuir ri chèile,
 Bi litir 's a' phàipear,
 'Ga leughadh ma bhàs.
 Ged dh' fhàg iad an dhiochuimhn',
 Gun fhios dè bu chrìoch dhut,
 Chan fhàgar le Dia thu,
 Nuair dh'iarrar thu n'àird,
 Gun èirich le iomhaigh,
 Mar chunna' mi riamh thu,
 Bidh do nàimhdean le fiamh,
 A' toir fianais mu'd bhàs.
 Na bithinn-sa dlùth dhut
 Nuair thàrr iad 'gad ionnsaigh
 Le gunna nach dùbailt,
 Is e ùr na mo làmh,
 Bhiodh preasadh air fùdar,
 Fo bheugaileid rùisgte,
 Mas faicinn thu rùin,
 Is do chùl ris an làr.

Audio Features

Song Details

Duration
04:05
Key
7
Tempo
136 BPM

Share

More Songs by Karen Matheson

Albums by Karen Matheson

Similar Songs