Turas San Lochmor - Live

4 views

Lyrics

An nì a bha nam inntinn gun inns mi dhuibh an rann:
 Gu falbhainn dh'aindeoin sìde air sgrìob do thìr nan Gall,
 Le baga làn de chearcan agus rudan a bha gann –
 Gum bithinn aig Bliadhn' Ùir ann 's gun chùmhnadh air an dram.
 Diciadain dh'fhalbh mi casruisgt' le mo bhagaichean nam dhòrn,
 A' dol a Loch nam Madadh ghabhail aiseag san Lochmor;
 Bha fuachd na mo chasan-sa 's bha sneachd' air bhàrr nan lòn ‑
 Cha dìochuimhnich mi 'n t‑allaban cho fad' 's a bhios mi beò.
 Nuair ràinig mi a' cheàrdach, àrdach duine chòir
 A thug a‑staigh gun dàil mi 's a nochd dhomh càirdeas mòr,
 Thug dhomh tì a b' fheàirrde mi ri aghaidh bhlàth an stòbh ‑
 Gu seasainn fuachd nuair dh'fhàg sinn le mo chaiseart blàth 's lem chòt'.
 Nuair dh'fhalbh an carbad-ola leinn 's ar n‑aghaidh thoir dhan tuath,
 Bha sinn greis an Cearsabhagh a' blasad air stuth cruaidh;
 Gun tàinig Bean na Maise 's am muir geal oirre mun cuairt,
 'S chanainn fhìn gum b' amadan a rachadh innt' air chuan.
 Nuair thog i mach gu farsainneachd, 's sinn airsnealach is sgìth,
 Nuair thòisich cur na mara oirnn, bu mhath a bhith air tìr;
 Bha mise mar bha càch, le spàirn orm a' strì ‑
 An drama dh'òl mi 'n Cearsabhagh, bu duilich dhealaich sinn.
 On ear‑dheas bha i sèideadh oirnn, gun choltas tighinn na b' fheàrr,
 Bha sinn uil', oir b' fheudar dhuinn, nar sìneadh air an làr;
 Nuair readh i sìos dhan chlaisidh leinn 's am muir a' sgailceadh àrd,
 Bha cùram air gach neach againn nach tilleadh i gu bràth.
 B 'e siud an oidhche ànranach a bh' againn anns a' bhàt',
 Ach ràinig sinn Loch Baghasdail le dìon an Tì as Àird;
 Thug mi leam mo bhagaichean agus thàrr mi às a' bhàt' ‑
 Chan fhanainn‑sa na b' fhaid' innte ged rachainn dhan taigh-gheàrd!
 Fhuair mi cadal socair ann an dachaigh dhaoine còir,
 Aig Maiseig Ruadh, 's mo ghràdh oirre, oir nochd i càirdeas dhòmhs':
 Guma fada slàn i, oir 's bàidheil i na dòigh
 Gu gabhail ro aon ànranach a dh'fhàgadh an Lochmor.
 Mun crìochnaich mi an t-òran seo, gun inns mi dhuibh an còrr:
 A‑màireach thill mi dhachaigh agus botal na mo phòc;
 Chruinnich sinn na càirdean gu pàrtaidh dhe gach seòrs',
 Is cha robh h‑aon a thàinig leinn a chàineadh an Lochmor!

Audio Features

Song Details

Duration
04:09
Key
3
Tempo
125 BPM

Share

More Songs by Julie Fowlis

Albums by Julie Fowlis

Similar Songs