Òran Fir Heisgeir (Gura Mis' Tha Fo Mhìghean)
28
views
Lyrics
Gur a mis' tha fo mhì-ghean 'S mi leam fhìn air a' chnoc Fada, fada, bho m' chàirdean Ann an àite ri port Gus am facas do bhàta Le siùil àrda ri dos Tigh'nn a-steach chun na h-Àirde 'S mac an àrmainn air e stoc Mac an àrmainn air stiùir A tigh'nn a dh' ionnsaidh an Troit Gu bheil an caolas a' beucadh 'S muir ag èirigh mu slait Tha do làmh-sa cho gleusta 'S nach do thrèig ise neart Ged a thigeadh muir dubh-ghorm Chuireadh sgùradh a-steach 'S ged bhiodh cìosnachadh mar' ann 'Bhuileadh barraibh a crann 'Chuireadh dh' ionnsaigh a slat i 'S luaithe h-astar na long Bhiodh i aigeannach, aotrom 'G èirigh eadar gach gleann 'S muir a' bualadh mu darach 'Fuasgladh reangan is lann Bu tu sgiobair na fairge Bu tu fear falmadair grinn Gur tu b' urrainn a stiùireadh 'Nuair a dhiùltadh iad i Ged a bheireadh iad thairis 'S iad na laighe 's an tuim Chumadh tus' i cho gàireach Gus an tàrradh i tìr ♪ Chan eil aon rubha cladaich Eadar seo 's a Chaoir-dhearg Eadar Lìte 's gach cala Dèanta fantainn neo falbh Chan eil maighstir soithich Chuala feothas do làimh Nach bi faighneachd, 's a fiosrach Càite faighte do bhàt' Iùbhrach àlainn, 's i fallainn 'S i ri gabhail a' chuain I ruith cho dìreach ri saighead 'S gaoth na h-aghaidh gu cruaidh Ged a bhiodh stoirm chlacha'-meallain Ann, 's an cathadh a tuath Nì Fear Heisgeir a gabhail Làmh nach athadh ro 'n stuaigh Tha Fear Heisgeir a' tighinn Bu tu ceann-uidhe nan ceud Bu tu ceann-uidhe na cuideachd 'S cha bu sgrubaire crìon 'N àm ruighinn do bhaile Seal mu 'n cromadh a' ghrian Bu tu mac an deagh-athair Bha gu mathasach riamh
Audio Features
Song Details
- Duration
- 03:54
- Key
- 11
- Tempo
- 132 BPM
Share
More Songs by Julie Fowlis
Albums by Julie Fowlis
Similar Songs
Puirt-À-Beul Set: Ribinnean Riomhach
Julie Fowlis
An Roghainn Dàin Do Eimhir XXII
Julie Fowlis
Siud Thu 'Ille Ruaidh Ghallain
Julie Fowlis
Òran Fir Heisgeir (Gura Mis' Tha Fo Mhìghean)
Julie Fowlis
Biodh An Deoch Seo 'n Làimh Mo Rùin
Julie Fowlis
Biodh an Deoch Seo 'n Làimh Mo Rùin - Live
Julie Fowlis