An Ròn / Ann an Caolas Od Odram
4
views
Lyrics
"Mise nighean Rìgh-fo-Thuinn Fuil nan rìghrean na mo chrè - Ged a chì sibh mi nam ròn Tha mi mòrail nam thìr fèin "Tìr-fo-Thuinn mo dhachaigh dhùint' Innis dhùthchasach nan ròn Caidlidh mi air leacan sàil' Mi fhìn 's mo bhàn-chuilean òg." A Bhana-phrionns' a' chuain shiar A bheil sgeul agad ri luaidh? Nach inns' thu dhuinn mar a bha Mun do ghabh sibh tàmh sa chuan? "Chaidh na geasan a chuir oirnn Rè ar bheò-bhith le luchd-fuath 'S ged a tha sinn snàmh nan caol 'S e nàdar daonnd' tha dhuinn dual "Aig tràth-marbh air oidhche fèill Tilgidh sinn ar bèin air tràigh 'S cluichidh sinn nar n-òighean suairc' A' crathadh ar cuaillean bàn "Ach a-nochd tha mi nam ròn Air an lic an còrs' a' chuain 'S e mo nàdar bhith toirt gaol 'S do chlann-daoine thug mi luaidh." Ann an Caolas Od Odrum far an caidleadh an ròn Far nach cluinnte guth duin' ach fuaim tuinne 's glog geòidh Muime 'g altram a pàistean 's i gan tàladh gu ciùin Gu bheil tulgadh nan cuantan ga sìor luasgadh nan suain Hion da hion do hion da odar da Hion da hion do hion da odar da Hì o 'an dao, hì o 'an dao Hì o 'an dao odar da, odar da Muime 'g altram a pàistean, 's i gan tàladh gu ciùin Gu bheil tulgadh nan cuantan ga sìor luasgadh nan suain An ròn rìoghail a' gusgail, 'n eala guileag ri thaobh A' mhaighdeann-mhara 's i bruadar anns an uaigneas air laoch Hion da hion do hion da odar da Hion da hion do hion da odar da Hì o 'an dao, hì o 'an dao Hì o 'an dao odar da, odar da An ròn rìoghail a' gusgail, 'n eala guileag ri thaobh A' mhaighdeann-mhara 's i bruadar anns an uaigneas air laoch Ann an Caolas Od Odrum far an caidleadh an ròn 'S far nach cluinnte guth duin' ach fuaim tuinne 's glog geòidh Hion da hion do hion da odar da Hion da hion do hion da odar da Hì o 'an dao, hì o 'an dao Hì o 'an dao odar da, odar da
Audio Features
Song Details
- Duration
- 03:58
- Key
- 4
- Tempo
- 83 BPM
Share
More Songs by Julie Fowlis
Albums by Julie Fowlis
Similar Songs
An Ròn / Ann an Caolas Od Odram
Julie Fowlis
Biodh An Deoch Seo 'n Làimh Mo Rùin
Julie Fowlis
An Roghainn Dàin Do Eimhir XXII
Julie Fowlis
Biodh an Deoch Seo 'n Làimh Mo Rùin - Live
Julie Fowlis
Puirt-À-Beul Set: Fodor Dha Na Gamhna Beaga
Julie Fowlis
Puirt-À-Beul Set: Ribinnean Riomhach
Julie Fowlis