Leodhasach an tir Chein

4 views

Lyrics

Tha mi fo mhulad bho sheol mi
 A Leodhas, eilean mo ghraidh
 Far na dh'fhag mi comunn na h-oige
 Is mo chairdean uile ri tamh
 Cha phill rium tuilleadh gach solas
 'S nach goraich bh'agam nam phaisd
 Mo chridhe air a lionadh le dòrainn
 'S mo chomhnaidh thairis air sàl
 Mo chiabhag tha tana 's air liathadh
 O' s cian bho dh'fhag mi do bhagh
 Mo chridhe tha g'osnaich gad iargain
 Is m'iarrtas tilleadh gach la
 Ged 's torrach am fearann 's fo chraobhan
 Cha luiginn fuireach na phairt
 Bu mhath leam bhith trusadh nan caorach
 'S an fhraoch an eilean mo ghràidh
 O nach robh mise far 'n iarrainn
 An Siadair Iarach a' tamh
 Far na dh'fhag mi comunn bha rianail
 Aoidheil, carthannach, tlath
 Chan iarrainn a shonas gu siorraidh
 Chan iarrainn solas gu brath
 Ach dachaigh bhith agam na chriochan
 Fo riaghladh na Athair na Slaint'
 Togaidh mi fhathast na siuil rithe
 Ma chaomhnas Dia rium mo shlaint'
 'S gu faigh mi fom shealladh na stùcan
 Bha muirneach agam nam phaisd
 Nuair ruitheas mo laithean san t-saoghal
 B'e mo dhurachd faighinn ann bas
 'S mo charadh an taic ri mo shìnnsir
 'S a ghlìb ri creagan na h-Aird

Audio Features

Song Details

Duration
05:32
Key
7
Tempo
120 BPM

Share

More Songs by Capercaillie

Albums by Capercaillie

Similar Songs