Bothan Àirigh am Bràigh Raithneach
17
views
Lyrics
Gur e m' anam is m' eudail Chaidh an-dè do Ghleann Garadh: Fear na gruaig' mar an t-òr Is na pòig air bhlas meala. O hi ò o hu ò, o hi ò o hu ò, Hi rì ri ò hu eile O hì ri ri ri ò gheallaibh ò Is tu as fheàrr don tig deise De na sheasadh air thalamh; Is tu as fheàrr don tig culaidh De na chunna mi dh' fhearaibh. Is tu as fheàrr don tig osan Is bròg shocrach nam barrall: Còta Lunnainneach dubh-ghorm, Is bidh na crùintean ga cheannach. An uair a ruigeadh tu 'n fhèill Is e mo ghèar-sa a thig dhachaigh; Mo chriosan is mo chìre Is mo stìomag chaol cheangail. Thig mo chrios à Dùn Eideann Is mo bhrèid à Dùn Chailleann, Gheibh sinn crodh as a' Mhaorainn Agus caoraich à Gallaibh. Is ann a bhios sinn 'gan àrach Air àirigh am Bràigh Raithneach. Ann am bòthan an t-sùgraidh Is gur e bu dùnadh dha barrach. Bhiodh a' chuthag 's an smùdan A' gabhail ciùil duinn air chrannaibh; Bhiodh an damh donn 's a bhùireadh Gar dùsgadh sa mhadainn.
Audio Features
Song Details
- Duration
- 04:58
- Key
- 2
- Tempo
- 76 BPM
Share
More Songs by Julie Fowlis
Albums by Julie Fowlis
Similar Songs
Puirt-À-Beul Set: Ribinnean Riomhach
Julie Fowlis
An Roghainn Dàin Do Eimhir XXII
Julie Fowlis
Siud Thu 'Ille Ruaidh Ghallain
Julie Fowlis
Biodh An Deoch Seo 'n Làimh Mo Rùin
Julie Fowlis
Biodh an Deoch Seo 'n Làimh Mo Rùin - Live
Julie Fowlis
Puirt-À-Beul Set: Fodor Dha Na Gamhna Beaga
Julie Fowlis